Artist: 
Search: 
Reddit

Karen Matheson - Luadh An Toraidh lyrics

Uair a bha an tir mar fhàsach,
cha robh bròg a thogadh danns ann,
‘s gann am beul a sheinneadh duan ann,
smior an dream mar ath-sgal tuamach.

Creid ar nàimhdean is an cumhachd,
iad a dh’iarr ar muchadh buileach;
ann an lagh is ann am foghlam,
dhiùlt iad dhuinn ar cliù ’s ar còirean

Seòlta mar a chaidh ar mealladh
gu bhi measadh faoin ar teanga
gus an robh i cnàmhte ’s anfhann,
an impis a bhi suaint san anairt -

Thog sinn strì ’s cha b’ann le fòirneart
ach le fonn is ruighl’ is òran
Cha b’e caismeachd tromh na sràide
ach tromh a buadhan grinn, a Ghàidhlig.

Seinn is seinn, O seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi
seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho