Artist: 
Search: 
Reddit

Karen Matheson - Cronan Bleoghainn lyrics

Il a bho lagain il bho m’aghan
Il a bho lagain il bho m’aghan
Il a bho lagain il bho m’aghan,
Mo chrodh-laoigh air gach taobh na h-aibhne.

Buarach sioman do chrodh na t’eile
Buarach sioda do m’aghan fhein o,
Buarach sugain air crodh na duthcha
Buarach ur air mo bhuaileig ghaolsa.

Bo lurach, bo-na h-airigh
Bo a’ bhathaich mathair laogh o,
Buachaille Padruig is banchaig Brighde,
D’ ar sion, d’ ar dion ‘s d’ar comhnadh.

'S moch an diugh gun d'rinn mi eirigh

Hoireann och ù o ho éileadh,
Ho i iù a ho aodh éileadh
Hoireann och ù o ho éileadh.

‘S moch an diu gun d’rinn me éirigh,
Mas moch an diu ‘s moch an dé e,
Dhìrich mi suas gual an t-sléibhe,
Fhuair mi gruagach dhonn gun éirigh,

Chuir mi ‘n lùib mo bhreacain fhéin I;
Thug mi bòid nach éireadh beud dhith,
Nach biodh fios aig neach fo’n ghréin air,
Cha robh fios aig a màthair fhéin air.
Shiubhlainn leat fo choill nan geugan,

Shiubhlainn, Shiubhlainn, dh’fhalbhainn fhéin leat